An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a‑rìs ri Ioab, Ach gidheadh, leig dhòmhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an dèidh Chusi. Agus thubhairt Ioab, Carson a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaireadh sgeul sam bith dhut?
Agus shuidh Daibhidh eadar an dà gheata: agus chaidh am fear-faire suas gu mullach a’ gheata, air a’ bhalla; agus thog e suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, duine a’ ruith na aonar.