Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic a‑rìs ri Ioab, Ach gidheadh, leig dhòmhsa, guidheam ort, ruith mar an ceudna an dèidh Chusi. Agus thubhairt Ioab, Carson a ruitheadh tusa, a mhic, agus nach d’fhuaireadh sgeul sam bith dhut?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ioab ri Cusi, Falbh, innis don rìgh ciod a chunnaic thu. Agus chrom Cusi e fhèin do Ioab, agus ruith e.

Ach gidheadh, arsa esan, leig dhomh ruith. Agus thubhairt e ris, Ruith. Agus ruith Ahimaas rathad a’ chòmhnaird, agus chaidh e seachad air Cusi.

Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e.

Agus thubhairt Phàraoh ris, Ach ciod e a tha a dh’easbhaidh ort maille riumsa, gun iarradh tu, feuch, dol dod thìr fhèin? Agus fhreagair esan, Chan eil nì air bith, gidheadh leig dhomh falbh air gach aon chor.

Agus amhail mar nach bu taitneach leo eòlas Dhè a chumail, thug Dia thairis iad do inntinn mhì-chèillidh, a dhèanamh nithean nach robh iomchaidh:

No draosdachd, no còmhradh amaideach, no baoth-shùgradh, nithean nach eil iomchaidh: ach gum b’fheàrr leibh breith-buidheachais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan