Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ioab ris, Cha toir thu sgeul leat an‑diugh, ach bheir thu sgeul leat là eile: ach an‑diugh cha toir thu sgeul leat, a chionn gu bheil mac an rìgh marbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean.

Agus thubhairt Ioab ri Cusi, Falbh, innis don rìgh ciod a chunnaic thu. Agus chrom Cusi e fhèin do Ioab, agus ruith e.

Agus thubhairt am fear-faire, Tha mi a’ faicinn ruith a’ chiad duine mar ruith Ahimaas mhic Shadoic. Agus thubhairt an rìgh, Is duine math esan, agus is ann le sgeul math a tha e a’ teachd.

Agus thubhairt an rìgh, A bheil an t‑òganach Absalom tèarainte? Agus fhreagair Ahimaas, Nuair a chuir Ioab air falbh seirbhiseach an rìgh, agus mise do sheirbhiseach, chunnaic mi buaireas mòr, ach cha robh fhios agam ciod e.

Agus ghluaiseadh an rìgh gu mòr, agus chaidh e suas don t‑seòmar os cionn a’ gheata, agus ghuil e: agus ag imeachd dha, thubhairt e mar seo. A mhic, Absaloim! A mhic, a mhic, Absaloim! O nach mise fhèin a fhuair bàs air do shon, Absaloim, a mhic, a mhic!

Agus dh’àithn an rìgh do Ioab, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Buinibh gu sèimh air mo sgàth-sa ris an òganach, ri Absalom. Agus chuala an sluagh uile nuair a dh’àithn an rìgh do na ceannardan uile a‑thaobh Absaloim.

Agus dh’innseadh do Ioab, Feuch, tha an rìgh a’ gul agus a’ caoidh airson Absaloim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan