Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin is i mo chomhairle-sa gun cruinnichear Israeil uile ad ionnsaigh, o Dhan eadhon gu Beersèba, mar a’ ghaineamh a tha làimh ris an fhairge air lìonmhorachd, agus gun tèid thu fhèin maille riu don chath.

Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil.

Agus bha Abisai bràthair Ioaib, mac Sheruiah, na cheann air triùir; agus thog e suas a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus fhuair e ainm am measg thriùir.

Agus bha Ioab mac Sheruiah os cionn na h‑armailte; agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh;

An sin thàinig tuairisgeal gu Ioab; (oir thionndaidh Ioab an dèidh Adoniah, ged nach do thionndaidh e an dèidh Absaloim:) agus theich Ioab gu pàillean an Tighearna, agus ghabh e greim de adhaircean na h‑altarach.

Chan eagal leam deich mìle sluaigh, a chuir iad fhèin am aghaidh air gach taobh.

Agus roinn e an trì cheud fear nan trì cuideachdan, agus chuir e trompaid ann an làimh gach aoin dhiubh, maille ri soithichean falamh, agus lòchrain anns na soithichean.

Mar sin thàinig Gideon agus an ceud fear a bha maille ris gu taobh a‑mach a’ champa, ann an toiseach na faire meadhonaich; agus cha robh iad ach air ùr‑shuidheachadh na faire: agus shèid iad na trompaidean, agus bhris iad na soithichean a bha nan làimh.

Agus ghabh e an sluagh, agus roinn e iad nan trì cuideachdan, agus rinn e feall-fhalach anns a’ mhachair, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha an sluagh air dol a‑mach as a’ bhaile; agus dh’èirich e nan aghaidh, agus bhuail e iad.

Agus air an là màireach chuir Saul an sluagh nan trì buidhnean; agus thàinig iad gu meadhon an fheachda ann am faire na maidne, agus bhuail iad na h‑Amonaich gus an d’fhàs an là teth: agus sgapadh iadsan a mhair, air chor is nach d’fhàgadh dithis dhiubh cuideachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan