Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis ghabh Absalom, nuair a bu bheò e, agus chuir e suas dha fhèin carragh, a tha ann an gleann an rìgh: oir thubhairt e, Chan eil mac agam a chumail m’ainme air chuimhne: agus thug e a ainm fhèin air a’ charragh; agus theirear ris gu ruig an là‑an‑diugh, Clach-chuimhneachain Absaloim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Thigibh, togamaid dhuinn fhèin baile, agus tùr, aig am bi a mhullach a’ ruigheachd gu nèamh; agus dèanamaid dhuinn fhèin ainm, air eagal gun sgaoilear o chèile sinn air aghaidh na talmhainn uile.

Uime sin thugadh Bàbel mar ainm air; do bhrìgh ann an sin gun do chuir an Tighearna thar a chèile cainnt na talmhainn uile: agus uaithe sin sgaoil an Tighearna iad air aghaidh na talmhainn uile.

Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach na choinneamh, an dèidh dha tilleadh o mharbhadh Chedorlaòmeir agus nan rìgh a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadhon gleann an rìgh.

Agus rugadh do Absalom triùir mhac, agus aon nighean dom b’ainm Tàmar: bha i na mnaoi sgiamhaich na gnùis.

Sgrios gu robh air a shliochd; anns an àl a thig na dhèidh gun cuirear as da ainm.

Is iad smuaintean an cridhe gum mair an taighean gu bràth, an ionadan-còmhnaidh o linn gu linn; bheir iad ainm air am fearann a rèir an ainme fhèin.

Ciod a tha agad an seo, agus cò a tha agad an seo, gun do chladhaich thu a‑mach uaigh an seo air do shon fhèin, mar neach a tha a’ cladhach a‑mach uaighe dha fhèin gu h‑àrd, a tha a’ gearradh àite-còmhnaidh dha fhèin ann an carraig?

Mar seo deir an Tighearna, Sgrìobhaibh-se am fear seo gun chlann, duine nach soirbhich na làithean; oir cha soirbhich duine de a shliochd a shuidheas air cathair Dhaibhidh, agus a riaghlas na dhèidh seo ann an Iùdah.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

Agus chaidh Nobah agus ghlac e Cenat, agus a bhailtean beaga, agus thug e Nobah mar ainm air, a rèir a ainme fhèin.

Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan