A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin.
An sin thubhairt Ioab, Chan fhaod mise fuireach mar seo maille riut. Agus ghabh e trì gathan na làimh, agus shàth e iad an cridhe Absaloim, nuair a bha e fhathast beò ann am meadhon na craoibhe daraich.
Agus chuir rìgh Daibhidh fios gu Sadoc agus gu Abiatar na sagartan, ag ràdh, Labhraibh ri seanairean Iùdah ag ràdh, Carson a tha sibhse air dheireadh a thoirt an rìgh air ais da thaigh? (agus gun tàinig cainnt Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh da thaigh.)