Agus thubhairt Ioab ris an duine a dh’innis dha, Agus, feuch, chunnaic thu e, agus carson nach do bhuail thu e an sin gu làr, agus bheirinn-sa dhut deich seceil airgid agus crios?
Agus thubhairt an duine ri Ioab, Ged gheibhinn-sa mìle secel airgid ann am làimh, cha chuirinn mo làmh a‑mach an aghaidh mac an rìgh: oir nar n‑èisdeachd dh’àithn an rìgh dhutsa, agus do Abisai, agus do Itai, ag ràdh, Gleidhibh dhomh an t‑òganach Absalom.
Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair-sa an còmhnaidh an àite Ioaib.