Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 18:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic duine àraidh seo, agus dh’innis e do Ioab, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi Absalom crochte ann an craoibh dharaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr.

Agus thubhairt Ioab ris an duine a dh’innis dha, Agus, feuch, chunnaic thu e, agus carson nach do bhuail thu e an sin gu làr, agus bheirinn-sa dhut deich seceil airgid agus crios?

Agus thachair Absalom air seirbhisich Dhaibhidh; agus bha Absalom a’ marcachd air muileid, agus chaidh a’ mhuileid a‑steach fo gheugan tiugha craoibh mhòir daraich, agus ghlacadh a cheann anns a’ chraoibh dharaich, agus chrochadh e eadar nèamh agus talamh; agus dh’imich a’ mhuileid a bha fodha roimhpe.

Thugar dhuinn seachdnar de a mhic-san, agus crochaidh sinn suas iad don Tighearna, ann an Gibeah Shauil, a thagh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh, Bheir mi dhuibh iad.

Nach eil sgrios ann don droch dhuine, agus coimhichead do luchd-dèanamh na h‑euceirt?

Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan