Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.
Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.
Agus thagh Maois daoine foghainteach a‑mach a Israel uile, agus rinn e iad nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.
Agus tàrlaidh, nuair a chuireas an luchd-riaghlaidh crìoch air labhairt ris an t‑sluagh, gun cuir iad ceannardan air na h‑armailtean gus an sluagh a thoirt air an aghaidh.
Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a‑nis, a Bheniàmineacha; eadhon dhuibhse uile an toir mac Iese achaidhean agus fìonliosan, agus an dèan e sibh uile nur ceannardan air mhìltean, agus nur ceannardan air cheudan;
Agus gan cur nan ceannardan dha fhèin air mhìltean, agus nan ceannardan air lethcheudan, agus a threabhadh a fhearainn, agus a bhuain a fhoghair, agus a dhèanamh innealan-cogaidh air a shon, agus innealan airson a charbad.