Agus dh’innis neach do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Ahitophel am measg an luchd-ceannairc maille ri Absalom. Agus thubhairt Daibhidh, Tionndaidh, a Thighearna, guidheam ort, comhairle Ahitopheil gu amaideachd.
Ach ma thilleas tu don bhaile, agus ma their thu ri Absalom, Bidh mise am sheirbhiseach dhut, a rìgh; bu sheirbhiseach dod athair mi gu ruige seo, agus a‑nis bidh mi mar an ceudna am sheirbhiseach dhutsa; an sin bheir thu air mo shon-sa comhairle Ahitopheil gu neoni.
Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Gabh a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich d’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil dod athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut.
Agus thàinig Husai a dh’ionnsaigh Absaloim, agus labhair Absalom ris, ag ràdh, Air an dòigh seo labhair Ahitophel: an dèan sinn a rèir a fhacail, no nach dèan? Labhair thusa.