Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 17:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mil, agus ìm, agus caoraich, agus càise cruidh airson Dhaibhidh, agus airson an t‑sluaigh a bha maille ris, a‑chum an ithe, oir thubhairt iad. Tha an sluagh acrach, agus sgìth, agus ìotmhor anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig an rìgh agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin.

Agus thubhairt an rìgh ri Siba, Ciod as ciall dhut leo sin? Agus thubhairt Siba, Tha na h‑asail airson teaghlach an rìgh a‑chum marcachd; agus an t‑aran agus am meas samhraidh airson nan òganach a‑chum an ithe; agus am fìon, a‑chum gun òl esan a bhios sgìth anns an fhàsach.

Agus thig mi air nuair a tha e sgìth agus lag-làmhach, agus cuiridh mi eagal air: agus teichidh an sluagh uile a tha maille ris, agus buailidh mi an rìgh a‑mhàin.

Acrach agus tartmhor, dh’fhàilnich an anam annta.

Oir is grian agus is sgiath an Tighearna, agus bheir an Tighearna gràs agus glòir; cha chùm e math air bith uapasan a ghluaiseas gu h‑ionraic.

Air feadh an là sanntaichidh e gu mòr; ach bheir am fìrean uaithe, agus cha chaomhain e.

Thug luchd-àiteachaidh tìr Thema uisge a dh’ionnsaigh an tartmhoir; len aran thàinig iad an còmhdhail an fhògarraich.

Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?

Agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a bha a’ frithealadh dha lem maoin.

A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh; a’ gnàthachadh aoidheachd.

Agus giùlain na deich mulchagan càise seo a dh’ionnsaigh ceannard am mìle-san, agus seall cionnas a tha do bhràithrean, agus gabh an geall.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan