Leapaichean, agus cuachan, agus soithichean creadha, agus cruithneachd, agus eòrna, agus min mhìn, agus gràn cruadhaichte, agus pònair, agus gall-pheasair, agus peasair chruadhaichte,
An sin thug Iàcob do Esau aran, agus brochan de ghall-pheasair; agus dh’ith e, agus dh’òl e, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e roimhe: mar seo rinn Esau dìmeas air a chòir-bhreithe.
Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa a tha a chòmhnaidh ann an sgoltaidhean nan creag, ann ad chòmhnaidh àird; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Cò a bheir a‑nuas mi a‑chum an làir?
An sin rinn Abigail cabhag, agus ghabh i dà cheud buileann arain, agus dà shearraig fhìona, agus còig caoraich air an deasachadh, agus còig tomhaisean de shìol cruadhaichte, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus dà cheud meall de fhìgean; agus chuir i air asail iad.