Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 17:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Daibhidh, agus an sluagh uile a bha maille ris, agus chaidh iad thar Iòrdan gu solas na maidne, gus nach robh aon dhiubh nach deachaidh thar Iòrdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a dh’fhalbh iad, thàinig iadsan a‑nìos as an tobar, agus chaidh iad agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh, agus thubhairt iad ri Daibhidh, Eiribh, agus rachaibh gu grad thar an uisge; oir mar seo chomhairlich Ahitophel nur n‑aghaidh-se.

Agus nuair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air a asail, agus dh’èirich e, agus dh’imich e a dh’ionnsaigh a thaighe, da bhaile fhèin, agus thug e àitheantan da theaghlach, agus chroch e e fhèin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlacaidh a athar.

An sin thàinig Daibhidh gu Mahanaim; agus chaidh Absalom thar Iòrdan, e fhèin agus fir Israeil uile maille ris.

Leagadh sìos m’anam an taobh a‑staigh dhìom; uime sin, cuimhnichidh mi ortsa, mo Dhia, o thìr Iòrdain agus o Hermon, o shliabh Mhitsair.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

Agus thubhairt iad ri Maois, Ghabh do sheirbhisich àireamh nam fear-cogaidh a tha fo ar làimh, agus chan eil duine dhinn air chall.

Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.

A‑chum gun coileante am facal a labhair e, An dream a thug thu dhomh, cha do chaill mi aon dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan