Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 17:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig seirbhisich Absaloim a dh’ionnsaigh na mnà don taigh, thubhairt iad, Càit a bheil Ahimaas agus Ionatan? Agus thubhairt a’ bhean riu, Chaidh iad thairis air an t‑sruthan uisge. Agus nuair a dh’iarr iad, agus nach d’fhuair iad, thill iad gu Ierusalem.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ach ma thilleas tu don bhaile, agus ma their thu ri Absalom, Bidh mise am sheirbhiseach dhut, a rìgh; bu sheirbhiseach dod athair mi gu ruige seo, agus a‑nis bidh mi mar an ceudna am sheirbhiseach dhutsa; an sin bheir thu air mo shon-sa comhairle Ahitopheil gu neoni.

Agus thubhairt na mnathan-glùine ri Phàraoh, A chionn nach eil na mnathan Eabhraidheach mar na mnathan Eiphiteach: oir tha iad fhèin beothail, agus air an asaid mun tig na mnathan-glùine a‑steach dan ionnsaigh.

Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile.

A‑rìs thubhairt e rithe, Seas ann an doras a’ bhùtha, agus ma thig duine agus gum feòraich e dhìot, agus gun abair e, A bheil duine sam bith an seo? An sin their thusa, Chan eil.

Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech an sagart, Dh’àithn an rìgh gnothach dhòmhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a‑thaobh a’ ghnothaich ma bheil mise gad chur uam, agus a dh’àithn mi dhut: agus dh’òrdaich mi dom òganaich dol a dh’ionnsaigh a leithid seo agus a leithid siud de àite.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan