Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 17:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thig mi air nuair a tha e sgìth agus lag-làmhach, agus cuiridh mi eagal air: agus teichidh an sluagh uile a tha maille ris, agus buailidh mi an rìgh a‑mhàin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig an rìgh agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin.

Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Leig dhomh a‑nis dà‑mhìle-dheug fear a thaghadh a‑mach, agus èiridh mi, agus thèid mi air tòir Dhaibhidh a‑nochd:

Ach dh’àithn rìgh Shiria don dà‑cheannard-deug ar fhichead a bha os cionn a charbad, ag ràdh, Na cogaibh ris a’ bheag no ris a’ mhòr, ach ri rìgh Israeil na aonar.

Agus na còmhdaich an euceart, agus na dubhar a‑mach am peacadh as d’fhianais; oir bhrosnaich iad thu gu feirg an làthair an luchd-togail.

Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.

Ach nuair a chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus glacamaid a oighreachd-san dhuinn fhèin.

An sin thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd; oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich an treuda.

Cha mhò a tha sibh a’ toirt fa‑near gur iomchaidh dhuinne gum faigheadh aon duine bàs airson an t‑sluaigh, agus nach biodh an cinneach uile air a sgrios.

Cionnas a choinnich e thu anns an t‑slighe, agus a bhuail e a’ chuid a bu deireannaiche dhìot, eadhon iadsan uile a bha lag ad dhèidh, nuair a bha thu fann agus sgìth, agus nach robh eagal Dhè air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan