Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 17:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nise uime sin cuiribh fios gu grad, agus innsibh do Dhaibhidh ag ràdh, Na fan a‑nochd ann an còmhnardan an fhàsaich, ach gabh thairis gu luath, air eagal gun sluigear suas an rìgh, agus an sluagh uile a tha maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh.

Faicibh, fanaidh mise ann an còmhnardan an fhàsaich, gus an tig facal uaibhse a thoirt fios dhomh.

Agus nach eil maille riut an sin Sadoc agus Abiatar na sagartan? Agus gach facal a chluinneas tu à taigh an rìgh, innsidh tu e do Shadoc agus do Abiatar na sagartan.

Na abradh iad nan cridhe, Ahà, is e siud ar miann: idir na abradh iad, Shluig sinn suas e.

Dhèanainn deifir gu dol as o ghaoith làidir agus on doininn.

B’àill lem eascairdean mo shlugadh suas gach là, oir is lìonmhor iad a tha a’ cogadh rium o ionad àrd.

Cuiridh e neart o nèamh, agus saoraidh e mi; bheir e masladh don fhear lem b’àill mo shlugadh suas. Selah. Cuiridh Dia a‑mach a thròcair agus a fhìrinn.

Agus nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo-thruaillidheachd uime, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo-bhàsmhorachd uime, an sin coileanar am facal a tha sgrìobhte, Shluigeadh suas am bàs le buaidh.

Oir tha sinne a tha anns a’ phàillean seo ri osnaich, air dhuinn a bhith fo uallaich: chan ann a chionn gum bu mhiann leinn a bhith air ar rùsgadh, ach air ar n‑èideadh, a‑chum gum bi bàsmhorachd air a slugadh suas le beatha.

Ghlaodh Ionatan mar an ceudna an dèidh an òganaich, Luathaich, dèan cabhag, na stad. Agus thionail òganach Ionatain suas na saighdean, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a mhaighistir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan