Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 17:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Absalom agus fir Israeil uile, Is fheàrr comhairle Husai an t‑Arcach na comhairle Ahitopheil: oir dh’òrdaich an Tighearna comhairle mhath Ahitopheil a thoirt gu neoni, a‑chum gun tugadh an Tighearna olc air Absalom.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.

Agus dh’innis neach do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Ahitophel am measg an luchd-ceannairc maille ri Absalom. Agus thubhairt Daibhidh, Tionndaidh, a Thighearna, guidheam ort, comhairle Ahitopheil gu amaideachd.

Ach ma thilleas tu don bhaile, agus ma their thu ri Absalom, Bidh mise am sheirbhiseach dhut, a rìgh; bu sheirbhiseach dod athair mi gu ruige seo, agus a‑nis bidh mi mar an ceudna am sheirbhiseach dhutsa; an sin bheir thu air mo shon-sa comhairle Ahitopheil gu neoni.

Agus bha comhairle Ahitopheil a thug e seachad anns na làithean sin mar gum fiosraicheadh duine de fhacal Dhè: mar sin bha uile chomhairle Ahitopheil araon aig Daibhidh agus aig Absalom.

Mar seo cha d’èisd an rìgh ris an t‑sluagh; oir bha an t‑adhbhar o Dhia, a‑chum gun coileanadh an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e le làimh Ahiah an Silonach ri Ierobòam mac Nebait.

Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin agus a sheas na làthair.

Agus nuair a bha e a’ labhairt ris, fhreagair esan e, An do rinneadh thusa ad chomhairliche don rìgh? Leig dhìot; carson a bhiodh tu air do bhualadh? Agus leig am fàidh dheth, agus thubhairt e, Tha fhios agam gun do shònraich Dia air do sgrios, a chionn gun do rinn thu seo agus nach d’èisd thu rim chomhairle-sa.

Ach cha d’èisd Amasiah ris; oir bha e o Dhia an toirt thairis na làimh, a chionn gun d’iarr iad an dèidh diathan Edoim.

Ach nuair a chuala ar naimhdean gun d’fhuair sinn fios air, agus a thug Dia an comhairle gu neoni, thill sinn uile a dh’ionnsaigh a’ bhalla, gach aon a dh’ionnsaigh a obrach fhèin.

Cuiridh e air falbh comhairlich creachte, agus de bhritheamhan nì e amadain.

Thuit na cinnich sìos anns an t‑sloc a rinn iad; anns an lìon a dh’fhalaich iad chaidh an cas fhèin an sàs.

Aithnichear an Tighearna anns a’ bhreitheanas a rinn e; ann an gnìomh a làmh fhèin ribear an t‑aingidh. Higaion. Selah.

Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.

Is lìonmhor na smuaintean ann an cridhe duine; ach is i comhairle an Tighearna a sheasas.

Chan eil gliocas, no tuigse, no comhairle ann, an aghaidh an Tighearna.

Cuiribh ur comhairle ri chèile, agus thig i gu neo-bhrìgh; labhraibh am facal, agus cha seas e; oir tha Dia leinne.

Cò esan a their, agus gun tig e gu crìch, nuair nach àithn an Tighearna?

Agus ged fhalaich iad iad fhèin ann am mullach Charmeil, rannsaichidh mise, agus bheir mi a‑mach as a sin iad; agus ged bhiodh iad air am falach om shealladh ann an ìochdar na fairge, an sin bheir mi àithne don nathair, agus nì i an teumadh:

Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais.

Oir is amaideachd aig Dia gliocas an t‑saoghail seo: oir tha e sgrìobhte, Glacaidh e na daoine glice nan innleachdan fhèin.

Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh.

Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan