Agus thig sinn air ge bè àit am faighear e, agus tuitidh sinn air mar a thuiteas an drùchd air an talamh: agus chan fhàgar dheth fhèin, agus de na fir uile a tha maille ris, eadhon aon.
Agus chuir Ben-hadad fios da ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mas leòr duslach Shamaria gu làn an dòrn don t‑sluagh uile a tha gam leantainn-sa.
A‑nis uime sin, guidheam ort, thoir gill dom thighearna rìgh Asiria, agus bheir mise dhut dà mhìle each, mas urrainn thusa air do thaobh fhèin marcaichean a chur orra.
Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa a tha a chòmhnaidh ann an sgoltaidhean nan creag, ann ad chòmhnaidh àird; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Cò a bheir a‑nuas mi a‑chum an làir?
Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg mòran shluagh, mar an drùchd on Tighearna, mar na frasan air an fheur, nach feith ri duine, agus nach fan ri mic dhaoine.
Faicibh matà, agus biodh fios agaibh air gach àite-falaich anns a bheil e ga fhalach fhèin, agus thigibh am ionnsaigh a‑rìs le fios cinnteach, agus thèid mise maille ribh: agus an sin, ma bhios e anns an tìr, rannsaichidh mise a‑mach e air feadh uile mhìltean Iùdah.