Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 17:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus esan mar an ceudna a tha na dhuine treun, aig a bheil a chridhe mar chridhe leòmhainn, leaghaidh e gu tur, oir tha fhios aig Israel uile gur duine treun d’athair, agus gur daoine treuna iadsan a tha maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Is cuilean leòmhainn Iùdah; on chobhartaich, a mhic, chaidh thu suas; chrom e e fhèin sìos, chrùb e mar leòmhann, agus mar sheann leòmhann; cò a dhùisgeas suas e?

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Feuch, tha e a‑nis am falach ann an sloc-eigin, no ann an àit-eigin eile: agus tachraidh, nuair a thuiteas cuid dhiubh an toiseach, ge bè neach a chluinneas e, gun abair e, Tha àr am measg an t‑sluaigh a tha a’ leantainn Absaloim.

Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda.

An sin labhair thu ann an taisbeanadh rid Aon naomh, agus thubhairt thu. Chuir mise cuideachadh air aon a tha cumhachdach; dh’àrdaich mi aon taghte as an t‑sluagh.

An sin bidh uamhann air cinn-fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air daoine treuna Mhòaib; leaghaidh air falbh luchd-àiteachaidh Chanàain uile.

Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.

Feuch, uirigh Sholaimh! Trì-fichead treun-fhear ma timcheall de threun-fhir Israeil.

Air an adhbhar sin lagaichear na h‑uile làmhan, agus leaghaidh cridhe gach duine.

Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.

Chuir mi roinn a’ chlaidheimh an aghaidh an geatachan uile, a‑chum gum meathadh an cridhe, agus gum meudaichear am milleadh: ah! rinneadh loinnreach e, gheuraicheadh airson an àir e.

Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.

A mhùch neart teine, a chaidh as o fhaobhar a’ chlaidheimh, o anfhainneachd a rinneadh neartmhor, a dh’fhàs treun ann an cath, a chuir air theicheadh armailtean nan coimheach.

An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Feuch, mo nighean as sine, Merab, ise bheir mi dhut na mnaoi: a‑mhàin bi thusa gaisgeil air mo shon-sa, agus cuir cathan an Tighearna: oir thubhairt Saul, Na biodh mo làmh-sa air, ach biodh làmh nam Philisteach air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan