Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dhìol an Tighearna ortsa uile fhuil taigh Shauil, an àit an do rìghich thu; agus thug an Tighearna an rìoghachd do làimh do mhic Absalom: agus, feuch, ghlacadh thu ann ad olc fhèin, a chionn gur duine fuileachdach thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris, Biodh d’fhuil air do cheann fhèin, oir thug do bheul fianais ad aghaidh, ag ràdh, Mharbh mi aon ungte an Tighearna.

Agus thubhairt e ris an rìgh, Na cuireadh mo thighearna euceart as mo leth, agus na cuimhnich an nì a rinn do sheirbhiseach gu h‑an‑dligheach air an là anns an deachaidh mo thighearna, an rìgh, a‑mach à Ierusalem, air chor is gun gabhadh an rìgh ga chridhe e.

Ach fhreagair Abisai mac Sheruiah, agus thubhairt e, Nach cuirear air a shon seo Simei gu bàs, a chionn gun do mhallaich e aon ungte an Tighearna?

Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich.

Agus thug e thairis iad do làimh nan Gibeonach, agus chroch iad iad anns an t‑sliabh am fianais an Tighearna; agus thuit an t‑seachdnar sin cuideachd, agus chuireadh gu bàs iad ann an ciad làithean an fhogharaidh, ann an toiseach fogharadh an eòrna.

Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.

Is iomadh iad a their rim anam nach eil furtachd aige ann an Dia. Selah.

A chlann nan daoine, cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir a‑chum nàire, a ghràdhaicheas sibh dìomhanas, a shireas sibh an dèidh bhreug? Selah.

Airson guth m’eascaraid, airson fòirneart an duine aingidh, oir tha iad a’ tilgeadh euceirt orm, agus ann am feirg tha iad a’ toirt fuatha dhomh.

Ma dh’ìoc mi olc don fhear a bha an sìth rium, no ma rinn mi fòirneart airsan a bha na eascaraid dhomh gun adhbhar,

Mar eun air faondradh, mar an gòbhlan-gaoithe ag itealaich, mar sin cha tig am mallachadh gun adhbhar.

Oir dhòirt iadsan fuil naomh agus fhàidhean, agus thug thusa dhaibh fuil ra h‑òl; oir is toillteanach iad.

A‑chum gun tigeadh an t‑ainneart a rinneadh air deichnear agus trì-fichead mac Ierubàail, agus gun laigheadh am fuil air Abimelech am bràthair, a mharbh iad; agus air maithean Shecheim, a neartaich a làmhan ann am marbhadh a bhràithrean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan