Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar seo thubhairt Simei nuair a mhallaich e e, Thig a‑mach, thig a‑mach, thusa a dhuine fhuileachdaich, agus a dhuine le Belial:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin.

Agus thilg e clachan air Daibhidh, agus air seirbhisich rìgh Daibhidh uile; agus bha an sluagh uile, agus na daoine treuna uile, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

Ach fhreagair Abisai mac Sheruiah, agus thubhairt e, Nach cuirear air a shon seo Simei gu bàs, a chionn gun do mhallaich e aon ungte an Tighearna?

Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.

Oir thuig an sluagh uile agus Israel uile air an là sin nach ann on rìgh a bha e Abner mac Neir a chur gu bàs.

Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bheliail, ma choinneamh, a thoirt fianais na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu Dia agus an rìgh: agus an sin thugaibh a‑mach e, agus clachaibh e, a‑chum gum faigh e bàs.

Agus thàinig dithis dhaoine, mic Bheliail, agus shuidh iad ma choinneamh: agus rinn fir Bheliail fianais na aghaidh, eadhon an aghaidh Nàboit, an làthair an t‑sluaigh, ag ràdh, Mhaslaich Nàbot Dia agus an rìgh. An sin thug iad a‑mach as a’ bhaile e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs.

Is iomadh iad a their rim anam nach eil furtachd aige ann an Dia. Selah.

Sgriosaidh tu luchd-labhairt bhreug; is gràin leis an Tighearna an duine fuileachdach agus cealgach.

Saor mi o chionta fala, a Dhè, a Dhè mo shlàinte; àrd-mholaidh mo theanga d’fhìreantachd.

Airson guth m’eascaraid, airson fòirneart an duine aingidh, oir tha iad a’ tilgeadh euceirt orm, agus ann am feirg tha iad a’ toirt fuatha dhomh.

Tha mo chridhe air a chràdh an taobh a‑staigh dhìom, agus thuit uamhasan a’ bhàis orm.

Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh;

A‑nis bu mhic do Bhelial mic Eli; cha b’aithne dhaibh an Tighearna.

A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan