Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig an rìgh agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin.

An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.

Agus thilg e clachan air Daibhidh, agus air seirbhisich rìgh Daibhidh uile; agus bha an sluagh uile, agus na daoine treuna uile, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

Gidheadh chunnaic òganach iad, agus dh’innis e do Absalom: ach dh’imich iadsan le chèile gu luath, agus thàinig iad gu taigh duine ann am Bahurim, aig an robh tobar na chùirt, agus chaidh iad sìos an sin.

Abialbon an t‑Arbatach, Asmabhet am Barhumach,

Agus dh’imich a fear maille rithe, a’ gul na dèidh gu Bahurim: an sin thubhairt Abner ris, Falbh, till. Agus thill e.

Bha Iùdhach àraidh ann an Susan an lùchairt dom b’ainm Mordecai, mac Iair, mhic Shimei, mhic Chis, duine de Bheniàmin,

A chionn gun d’fhuasgail e mo chòrd, agus gun do shàraich e mi, leig iadsan mar an ceudna an t‑srian sgaoilte romham.

Air feadh an là tha mo naimhdean gam mhaslachadh; agus iadsan a tha air bhoile rium, mhionnaich iad am aghaidh.

Mallaicheadh iadsan, ach beannaich thusa; nuair a dh’èireas iad, biodh nàire orra; ach biodh d’òglach-sa ait.

Oir gheur-lean iad an tì a bhuail thusa, agus labhair iad a‑chum doilgheis dhaibhsan a lot thu.

Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach.

Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu.

Mar eun air faondradh, mar an gòbhlan-gaoithe ag itealaich, mar sin cha tig am mallachadh gun adhbhar.

Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis.

Agus siùbhlaidh gach aon da thrìd, ann an teinn agus ann an gorta; agus tàrlaidh, nuair a bhios e ann an gorta, gum bi corraich air ris fhèin, agus mallaichidh e a rìgh agus a Dhia, agus e a’ sealltainn suas.

Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, An cù mise gun tigeadh tu am ionnsaigh le bataichean? Agus mhallaich am Philisteach Daibhidh ann an ainm a dhiathan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan