Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh, Agus càit a bheil mac do mhaighistir? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e a’ fantainn ann an Ierusalem: oir thubhairt e, An‑diugh aisigidh taigh Israeil dhòmhsa rìoghachd m’athar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.

An tì gu diamhair a bheir beum da choimhearsnach, esan gearraidh mi as; an tì aig a bheil sealladh àrd agus cridhe uaibhreach, esan chan fhuiling mi.

Nach dèan cùl-chàineadh le a theangaidh, nach dèan olc da charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach;

Chuir thu fear mo ghaoil agus mo charaid fada uam; tha luchd m’eòlais ann an dorchadas.

Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

Mar sin tha slighean gach neach a tha sanntach air buannachd: anam a shealbhadairean bheir i air falbh.

Sgriosar fianais bhreugach; ach an tì a dh’èisdeas, labhraidh e a‑chum deagh chrìche.

Na earbaibh à caraid; na cuiribh muinghinn ann am fear-iùil: on tè a laigheas ann ad uchd glèidh dorsan do bheòil.

Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana-cainnt cheannaircich Chore.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan