2 Samuel 16:23Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bha comhairle Ahitopheil a thug e seachad anns na làithean sin mar gum fiosraicheadh duine de fhacal Dhè: mar sin bha uile chomhairle Ahitopheil araon aig Daibhidh agus aig Absalom. Faic an caibideil |
Agus nuair a chunnaic Ahitophel nach do ghabhadh a chomhairle, chuir e dìollaid air a asail, agus dh’èirich e, agus dh’imich e a dh’ionnsaigh a thaighe, da bhaile fhèin, agus thug e àitheantan da theaghlach, agus chroch e e fhèin, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlacaidh a athar.