Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Gabh a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich d’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil dod athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd-àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.

Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:

Agus thionndaidh e da h‑ionnsaigh air an t‑slighe, agus thubhairt e, Leig leam, guidheam ort, teachd a‑steach ad ionnsaigh; oir cha robh fhios aige gum b’i bean a mhic i: agus thubhairt i, Ciod a bheir thu dhomh, a‑chum is gun tig thu a‑steach am ionnsaigh?

Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle-dheug fear.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:

Agus thubhairt Ionadab ris, Laigh sìos air do leabaidh, agus leig ort a bhith tinn; agus nuair a thig d’athair gad fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus thugadh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i am biadh am fhianais, a‑chum gum faic mi e, agus gun ith mi as a làimh e.

Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus a theaghlach uile na dhèidh: a‑mhàin dh’fhàg an rìgh deichnear bhan a bha nan coileabaich aige, a ghleidheadh an taighe.

An sin thubhairt Absalom ri Ahitophel, Thugaibh comhairle nur measg ciod a nì sinn.

Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eil a’ chomhairle a thug Ahitophel math air an uair seo.

A‑nis uime sin biodh ur làmhan air an neartachadh, agus bithibh gaisgeil; oir tha ur tighearna Saul marbh, agus mar an ceudna dh’ung taigh Iùdah mise am rìgh os an cionn.

Agus thàinig Daibhidh da thaigh ann an Ierusalem; agus ghabh an rìgh an deichnear bhan, a choileabaich, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe, agus chuir e ann an gainntir iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e a‑steach dan ionnsaigh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas.

Agus bha e na nàmhaid do Israel rè uile làithean Sholaimh, a thuilleadh air an olc a rinn Hadad: agus dh’fhuathaich e Israel, agus rìghich e os cionn Edoim.

Agus thubhairt esan, Labhair, guidheam ort, ri Solamh an rìgh (oir cha diùlt e thusa) gun tugadh e dhomh Abisag a’ bhan-Sunamach na mnaoi.

Agus fhreagair rìgh Solamh, agus thubhairt e ra mhàthair, Agus carson a dh’iarras tu Abisag a’ bhan-Sunamach do Adoniah? Iarr dha an rìoghachd mar an ceudna; (oir is e mo bhràthair as sine e;) eadhon dhàsan, agus do Abiatar an sagart, agus do Ioab mac Sheruiah.

Nochd bean d’athar cha leig thu ris: is e nochd d’athar e.

Agus an duine a laigheas le mnaoi a athar, leig e ris nochd a athar: cuirear gu cinnteach le chèile gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.

Agus tàrlaidh, mar a bha sibh nur mallachadh am measg nan cinneach, O thaigh Iùdah, agus a thaigh Israeil, is amhail a shaoras mise sibh, agus bidh sibh nur beannachadh. Na biodh eagal oirbh, biodh ur làmhan làidir.

Tha e air aithris gu coitcheann gu bheil neòghlaine nur measg, agus a leithid sin de neòghlaine, nach eil uiread is air ainmeachadh am measg nan Cinneach, gum biodh aig neach bean a athar.

Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.

Agus chreid Achis Daibhidh, ag ràdh, Thug e air a shluagh Israel gràin mhòr a ghabhail dheth: uime sin bidh e na sheirbhiseach agamsa gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan