Agus chuir Absalom fios air Ahitophel an Gilonach, comhairliche Dhaibhidh, o a bhaile, eadhon o Ghiloh, nuair a bha e ag ìobradh ìobairtean: agus bha a’ cheannairc làidir; oir bha an sluagh a’ sìor dhol an lìonmhorachd maille ri Absalom.
Agus anns an dara àite, cò dha a dhèanainn seirbhis? Nach ann an làthair a mhic? Mar a rinn mi seirbhis ann an làthair d’athar, mar sin bidh mi ad làthair-sa.
Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Gabh a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich d’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil dod athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut.
Carson a dh’èirich rìghrean na talmhainn, agus a ghabh na h‑uachdarain comhairle le chèile an aghaidh an Tighearna, agus an aghaidh a Aoin ungte-san, ag ràdh,
Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean-ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr.
Is truagh dhaibhsan a tha ag iarraidh an comhairle fhalach gu domhain on Tighearna; aig a bheil an gnìomharan anns an dorchadas, agus a tha ag ràdh, Cò a tha gar faicinn? Cò aig a bheil fhios oirnn?