Agus anns an dara àite, cò dha a dhèanainn seirbhis? Nach ann an làthair a mhic? Mar a rinn mi seirbhis ann an làthair d’athar, mar sin bidh mi ad làthair-sa.
Ach ma thilleas tu don bhaile, agus ma their thu ri Absalom, Bidh mise am sheirbhiseach dhut, a rìgh; bu sheirbhiseach dod athair mi gu ruige seo, agus a‑nis bidh mi mar an ceudna am sheirbhiseach dhutsa; an sin bheir thu air mo shon-sa comhairle Ahitopheil gu neoni.
Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eadh; ach ge bè neach a thaghas an Tighearna, agus an sluagh seo, agus fir Israeil uile, leis-san bidh mise, agus maille ris fanaidh mi.
Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Gu deimhinn bidh fhios agad ciod a nì do sheirbhiseach. Agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Uime sin nì mi fear-gleidhidh mo chinn dhìot gu bràth.
Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ach ciod a rinn mi, agus ciod a fhuair thu ann ad sheirbhiseach on chiad là a bha mi maille riut gu ruig an là‑an‑diugh, nach faod mi dol a chogadh an aghaidh naimhdean mo thighearna, an rìgh?