Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Absalom ri Husai, An e seo do choibhneas rid charaid? Carson nach deachaidh tu maille rid charaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eadh; ach ge bè neach a thaghas an Tighearna, agus an sluagh seo, agus fir Israeil uile, leis-san bidh mise, agus maille ris fanaidh mi.

Agus nuair a thàinig e gu Ierusalem an coinneamh an rìgh, an sin thubhairt an rìgh ris, Carson nach deachaidh tu maille riumsa, a Mhephiboset?

Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.

Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

An ann mar seo a dh’ìocas sibh don Tighearna, O shluaigh amaidich agus gun chèill? Nach esan d’athair a cheannaich thu? Nach do rinn e thu agus nach do dhaingnich e thu?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan