Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig Absalom, agus uile shluagh fir Israeil, gu Ierusalem, agus Ahitophel maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Absalom fios air Ahitophel an Gilonach, comhairliche Dhaibhidh, o a bhaile, eadhon o Ghiloh, nuair a bha e ag ìobradh ìobairtean: agus bha a’ cheannairc làidir; oir bha an sluagh a’ sìor dhol an lìonmhorachd maille ri Absalom.

Agus nuair a thàinig Daibhidh gu mullach an t‑slèibh, far an do rinn e adhradh do Dhia, feuch, thàinig Husai an t‑Arcach na choinneamh, le a chòta reubte, agus ùir air a cheann.

Uime sin thàinig Husai caraid Dhaibhidh don bhaile, agus thàinig Absalom gu Ierusalem.

Agus thàinig an rìgh agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan