Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dh’imich Daibhidh agus a dhaoine air an t‑slighe, dh’imich Simei air slios an t‑slèibh làimh ris, a’ dol air aghaidh agus a’ mallachadh, agus thilg e clachan agus ùir air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Theagamh gun amhairc an Tighearna air m’àmhghar, agus gun dìol an Tighearna dhomh math airson a mhallachaidh air an là‑an‑diugh.

Agus thàinig an rìgh agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin.

Agus nuair a bha iadsan ag èigheach agus a’ tilgeadh dhiubh an aodaich, agus a’ tilgeadh luaithre anns an adhar,

Agus ghairm e da ionnsaigh dà cheannard-ceud, agus thubhairt e, Ullaichibh dà cheud saighdear a thèid gu Cesarèa, agus deich agus trì-fichead marcach, agus dà cheud fear-sleagha, air an treas uair den oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan