2 Samuel 16:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, agus ra sheirbhisich uile, Feuch, mo mhac, a thàinig a‑mach à m’innibh, ag iarraidh m’anama; agus cia mòr as mò a‑nis a dh’fhaodas am Beniàmineach seo? Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearna air. Faic an caibideil |
Agus chuir an Tighearna aingeal uaithe, a sgrios na daoine comasach gaisgeil uile, agus na ceannardan, agus na h‑uachdarain ann an camp rìgh Asiria: uime sin thill e le nàire gnùise da thìr fhèin. Agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh a dhè, mharbh iadsan a thàinig a‑mach as a innibh fhèin e an sin leis a’ chlaidheamh.
A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.