Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 16:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus dur taobh-se, shònraich sibh olc am aghaidh; ach shònraich Dia sin a‑chum maith, a‑chum, mar air an là‑an‑diugh, gun tèarnadh e mòr-shluagh beò.

Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil?

Agus thubhairt an rìgh ri Simei, Chan fhaigh thu bàs: agus mhionnaich an rìgh dha.

Agus tha mise an‑diugh anfhann ged tha mi ungte am rìgh; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear-dèanaimh an uilc a rèir a aingidheachd.

Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?

Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan.

Ach a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh an àite seo ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt riumsa, Falbh suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i.

Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?

Cò esan a their, agus gun tig e gu crìch, nuair nach àithn an Tighearna?

Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?

Ach air tionndadh dhàsan, thubhairt e ri Peadar, Imich air mo chùl, a Shàtain; is oilbheum dhomh thu: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.

Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm?

An sin thubhairt Iosa ri Peadar, Cuir do chlaidheamh anns an truaill: an cupan a thug m’Athair dhòmhsa, nach òl mi e?

Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo?

Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:

A‑nis uime sin, guidheam ort, èisdeadh mo thighearna an rìgh ri briathran a sheirbhisich: mas e an Tighearna a bhrosnaich thu am aghaidh, gabhaidh e tabhartas: ach mas iad clann nan daoine, mallaichte tha iad am fianais an Tighearna: oir dh’fhuadaich iad mise a‑mach an‑diugh o fhantainn ann an oighreachd an Tighearna, ag ràdh, falbh, dèan seirbhis do dhiathan eile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan