2 Samuel 16:1Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a chaidh Daibhidh beagan thar mullach an t‑slèibh, feuch, thàinig Siba, òglach Mhephiboset, na choinneamh le dà asail air an dìollaideachadh, agus dà cheud buileann arain orra, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus ceud de mheas samhraidh, agus searrag fhìona. Faic an caibideil |
A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel.