Ach chuir Absalom luchd-bratha air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Cho luath is a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin their sibh, Tha Absalom na rìgh ann an Hebron.
Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid nuair a bha mi am chòmhnaidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a‑rìs gu Ierusalem, an sin nì mi seirbhis don Tighearna.
Uime sin ghabh Daibhidh as a làimh na thug i da ionnsaigh, agus thubhairt e rithe, Gabh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh do thaighe: faic, dh’èisd mi rid ghuth, agus ghabh mi rid ghnùis.