2 Samuel 15:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid nuair a bha mi am chòmhnaidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a‑rìs gu Ierusalem, an sin nì mi seirbhis don Tighearna. Faic an caibideil |
Agus fhreagair Absalom Ioab, Feuch, chuir mi fios ad ionnsaigh, ag ràdh, Thig an seo, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh an rìgh, a ràdh, Carson a thàinig mi o Ghesur? Bu mhath dhòmhsa gum bithinn fhathast an sin: a‑nis matà faiceam gnùis an rìgh; agus ma tha eu‑ceart sam bith annam, thugadh e fa‑near mo mharbhadh.
Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.
Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann.