Agus an ceann ceithir bliadhna thubhairt Absalom ris an rìgh, Leig dhomh imeachd, guidheam ort, agus mo bhòid a dhìoladh a bhòidich mi don Tighearna ann an Hebron.
Feuch, tha sibh a’ trasgadh a‑chum connsachaidh agus aimhreit, agus a‑chum bualadh le dòrn na h‑eucorach; cha bhi sibh ri trasg mar air an là‑an‑diugh, a thoirt air ur guth gun cluinnear e gu h‑àrd.
Agus chuir e iad gu Betlehem, agus thubhairt e, Imichibh, agus iarraibh gu dìcheallach an naoidhean; agus an dèidh dhuibh fhaotainn, innsibh dhòmhsa e, a‑chum gun tèid mise fhèin, agus gun dèan mi adhradh dha.
Ach is an‑aoibhinn dhuibhse, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean, do brìgh gu bheil sibh a’ druideadh rìoghachd nèimh an aghaidh dhaoine: oir cha tèid sibh fhèin a‑steach, agus chan fhuiling sibh don dream a tha a’ dol a‑steach dol ann.
Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.