Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an dòigh seo rinn Absalom ri Israel uile a thàinig a‑chum breitheanais a dh’ionnsaigh an rìgh: agus ghoid Absalom cridheachan daoine Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha cridheachan fir Israeil an dèidh Absaloim.

Le a bheul millidh cealgair a choimhearsnach; ach trìd eòlais saorar na fìreanan.

Thug mi an aire do na h‑uile bheòthan a shiùbhlas fon ghrèin, maille ris an dara leanabh a sheasas suas na àite.

Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.

Oir chan eil an leithidean seo a’ dèanamh seirbhis dur Tighearna Iosa Crìosd, ach dam broinn fhèin; agus tha iad le briathran milis agus le miodal a’ mealladh cridheachan na muinntir sin a tha neo-lochdach.

Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan