Agus nuair a thigeadh duine sam bith am fagas dha a dhèanamh ùmhlachd dha, chuireadh e a‑mach a làmh, agus bheireadh e air, agus phògadh e e.
Uime sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’innis e sin dha: agus ghairm e air Absalom, agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus chrom e e fhèin air a aghaidh gu làr am fianais an rìgh; agus phòg an rìgh Absalom.
Agus thubhairt Ioab ri Amasa, A bheil thu slàn, a bhràthair? Agus ghlac Ioab le a dheas làimh Amasa air a fheusaig, a thabhairt pòige dha.
Bu mhìne na ìm facail a bheòil, ach bha cogadh na chridhe; bu bhuige a bhriathran na ola, ach bu chlaidheamhan rùisgte iad.
Nuair a labhras e gu brèagha, na creid e; oir tha seachd gràinealachdan na chridhe.
Cha tug thusa dhomh pòg: ach o thàinig ise a‑steach, cha do sguir i a phògadh mo chas.