Agus nuair a thàinig Daibhidh gu mullach an t‑slèibh, far an do rinn e adhradh do Dhia, feuch, thàinig Husai an t‑Arcach na choinneamh, le a chòta reubte, agus ùir air a cheann.
Agus air an treas là, feuch, thàinig duine as a’ champ o Shaul, agus a aodach reubte, agus ùir air a cheann: agus nuair a thàinig e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, thuit e air an talamh, agus rinn e ùmhlachd.
Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich.
Agus chaidh Daibhidh suas ri uchdaich Sliabh nan Crann-ola, a’ dol suas agus a’ gul, agus a cheann còmhdaichte, agus e ag imeachd cas-ruisgte: agus chòmhdaich an sluagh uile a bha maille ris, gach fear dhiubh, a cheann, agus chaidh iad suas, ag imeachd agus a’ gul.
Agus nuair a chaidh Daibhidh beagan thar mullach an t‑slèibh, feuch, thàinig Siba, òglach Mhephiboset, na choinneamh le dà asail air an dìollaideachadh, agus dà cheud buileann arain orra, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus ceud de mheas samhraidh, agus searrag fhìona.
An sin thog Solamh ionad àrd do Chemos, gràinealachd Mhòaib, anns an t‑sliabh a tha mu choinneamh Ierusaleim; agus do Mholech, gràinealachd chloinn Amoin.
Agus ruith duine de Bheniàmin a‑mach as an armailt, agus thàinig e gu Siloh air an là sin fhèin, agus a aodach air a reubadh, agus duslach air a cheann.