Thubhairt an rìgh mar an ceudna ri Sadoc an sagart, Nach fear-seallaidh thusa? Till don bhaile ann an sìth, agus Ahimas do mhac fhèin, agus Ionatan mac Abiatair, ur dithis mhac maille ribh.
Ach ma thilleas tu don bhaile, agus ma their thu ri Absalom, Bidh mise am sheirbhiseach dhut, a rìgh; bu sheirbhiseach dod athair mi gu ruige seo, agus a‑nis bidh mi mar an ceudna am sheirbhiseach dhutsa; an sin bheir thu air mo shon-sa comhairle Ahitopheil gu neoni.
Feuch, tha an sin maille riu an dithis mhac, Ahimaas mac Shadoic, agus Ionatan mac Abiatar: len làimh-san cuiridh sibh am ionnsaigh-sa gach facal a chluinneas sibh.
Agus dh’fhan Ionatan agus Ahimaas làimh ri En‑rogel; (oir chan fhaodadh iad a bhith air am faicinn a’ dol a‑steach don bhaile:) agus chaidh cailinn agus dh’innis i dhaibh; agus chaidh iadsan agus dh’innis iad do rìgh Daibhidh.
An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean.
Agus am feadh a bha esan fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Ionatan mac Abiatair an sagart, agus thubhairt Adoniah ris, Thig a‑steach, oir is duine treun thu, agus bheir thu sgeul math leat.
B’iad sin uile mic Hemain, fear-seallaidh an rìgh, ann am briathran Dhè, a‑chum an adharc a thogail suas. Agus thug Dia do Heman ceithir-mic-dheug agus trì nigheanan.
Agus thubhairt esan ris, Feuch a‑nis, tha duine le Dia anns a’ bhaile seo, agus is duine urramach e; thig gach nì a their e gu cinnteach gu crìch: a‑nis matà rachamaid an sin; theagamh gun innis e dhuinn ar slighe air an còir dhuinn gluasad.
(O shean ann an Israel, nuair a rachadh duine a dh’fhiosrachadh de Dhia, mar seo labhradh e: Thigibh, agus rachamaid a dh’ionnsaigh an fhir-sheallaidh; oir esan ris an abrar a‑nis fàidh, o shean theirte fear-seallaidh ris.)