Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna.
Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach nan daoine marbha am fianais mo thighearna an rìgh; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach nam measg-san a dh’ith aig do bhòrd fhèin: ciod matà a’ chòir a tha agamsa tuilleadh air glaodhaich nas mò ris an rìgh?
Guma beannaichte an Tighearna do Dhia, a ghabh tlachd annad gud chur air rìgh-chathair Israeil: a chionn gu bheil gràdh aig an Tighearna do Israel gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.
Guma beannaichte an Tighearna do Dhia a ghabh tlachd annad gu do chur air a rìgh-chathair, gu bhith ann ad rìgh airson an Tighearna do Dhia: a chionn gun do ghràdhaich do Dhia Israel, a‑chum an daingneachadh gu bràth, uime sin rinn e thusa ad rìgh os an cionn, a dhèanamh breitheanais agus ceartais.
Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin; agus rid fhearann, Bean-phòsda; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh.
An dealbh suarach briste an duine seo Coniah? No an soitheach e anns nach eil aig aon neach tlachd? Cuime a bheil iad air an tilgeadh a‑mach, e fhèin agus a shliochd, agus air an iomain gu tìr anns nach eil iad eòlach?
Seadh, nì mi gàirdeachas os an cionn a‑chum math a dhèanamh dhaibh, agus suidhichidh mi iad anns an fhearann seo gu deimhinn, lem uile chridhe, agus lem uile anam.
Ma tha tlachd aig an Tighearna annainn, an sin bheir e sinn a dh’ionnsaigh an fhearainn seo, agus bheir e dhuinn e; fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne.
Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dèan-sa rinn a rèir gach nì a tha math ad shùilean; a‑mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an là‑an‑diugh.
Agus dh’innis Samuel dha na h‑uile nithean, agus cha do cheil e nì sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e an Tighearna a tha ann; an nì sin a tha math na shùilean nì e.