2 Samuel 15:25Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an rìgh ri Sadoc, Thoir air a h‑ais àirc Dhè don bhaile; ma gheibh mi deagh-ghean ann an sùilean an Tighearna bheir e air m’ais mi, agus nochdaidh e dhomh e fhèin, agus a àite-còmhnaidh. Faic an caibideil |
Air an adhbhar sin, labhair thusa nan aghaidh na briathran fàistneachd seo air fad, agus abair riu, Beucaidh an Tighearna o a ionad àrd, agus o ionad còmhnaidh a naomhachd cuiridh e a‑mach a ghuth; beucaidh e gu cumhachdach an aghaidh ionad a thàimh; togaidh e iolach, mar iolaich luchd-bruthaidh nam fìondhearc, an aghaidh uile luchd-àiteachaidh na talmhainn.