2 Samuel 15:24Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus, feuch, bha Sadoc mar an ceudna, agus na Lèbhithich uile maille ris, a’ giùlan àirc coicheangal Dhè, agus shuidhich iad àirc Dhè: agus chaidh Abiatar suas, gus an do sguir an sluagh uile de dhol a‑mach as a’ bhaile. Faic an caibideil |
Agus ri Abiatar an sagart thubhairt an rìgh, Imich gu Anatot, a dh’ionnsaigh d’fhearainn fhèin, oir tha thu a’ toilltinn a’ bhàis: ach an‑diugh cha mharbh mi thu, a chionn gun do ghiùlain thu àirc an Tighearna Iehòbhah am fianais Dhaibhidh m’athair, agus a chionn gun d’fhuiling thu àmhghar anns gach nì anns an d’fhuiling m’athair àmhghar.
Agus crìochnaichidh Aaron agus a mhic còmhdach an ionaid naoimh, agus uile shoithichean an ionaid naoimh, nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh; agus an dèidh sin thig mic Chohait gan giùlan: ach cha bhean iad ri nì naomh sam bith, air eagal gum bàsaich iad. Is iad na nithean sin eallach mic Chohait ann am pàillean a’ choitheanail.