Agus ghuil an tìr uile le guth àrd, agus chaidh an sluagh uile thairis; chaidh an rìgh cuideachd thairis air sruth Chidroin, agus chaidh an sluagh uile thairis an làimh na slighe don fhàsach.
An sin thubhairt Daibhidh ri Itai, Imich, agus gabh thairis. Agus chaidh Itai an Giteach thairis, agus a dhaoine uile, agus a’ chlann bheag uile a bha maille ris.
Agus thubhairt an rìgh ri Siba, Ciod as ciall dhut leo sin? Agus thubhairt Siba, Tha na h‑asail airson teaghlach an rìgh a‑chum marcachd; agus an t‑aran agus am meas samhraidh airson nan òganach a‑chum an ithe; agus am fìon, a‑chum gun òl esan a bhios sgìth anns an fhàsach.
Agus mar an ceudna Maachah a mhàthair, chuir e eadhon ise o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus sgrios Asa a dealbh uamhasach, agus loisg e e aig sruth Chidroin.
Oir tachraidh air an là anns an tèid thu a‑mach, agus an gabh thu thar sruth Chidroin, gum faigh thu gu deimhinn bàs: bidh d’fhuil air do cheann fhèin.
Agus chaidh na sagartan don chuid a b’fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna ga ghlanadh, agus thug iad a‑mach gach salchar a fhuair iad ann an teampall an Tighearna, gu cùirt taigh an Tighearna. Agus thog na Lèbhithich leo e, gu a thoirt a‑mach gu sruth Chidroin.
Agus gleann nan corp marbha gu h‑iomlan, agus na luaithre, agus na machraichean uile gu sruthan Chidroin, gu oisinn geata nan each an taobh an ear, bidh iad naomh don Tighearna: cha spìonar a‑nìos, agus cha tilgear sìos e nas mò gu bràth.
Oir is e seo an tì ud mun do labhair Esaias am fàidh, ag ràdh, Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.
Nuair a labhair Iosa na briathran seo, chaidh e maille ra dheisciobail thairis air sruth Chedroin, far an robh lios, don deachaidh e fhèin agus a dheisciobail.