Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Itai an rìgh, agus thubhairt e, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò mo thighearna, an rìgh, gu cinnteach ge bè àit anns am bi mo thighearna, an rìgh, mas ann a‑chum bàis no a‑chum beatha, eadhon an sin bidh do sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Daibhidh ri Itai, Imich, agus gabh thairis. Agus chaidh Itai an Giteach thairis, agus a dhaoine uile, agus a’ chlann bheag uile a bha maille ris.

Agus thubhairt Eliah ri Elisa, Fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Betel. Agus thubhairt Elisa ris, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad sìos gu Betel.

Agus thubhairt Eliah ris, Elisa, fan an seo, guidheam ort; oir chuir an Tighearna mise gu Iericho. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, cha dealaich mi riut. Agus thàinig iad gu Iericho.

Agus thubhairt Eliah ris, Fan, guidheam ort, an seo: oir chuir an Tighearna mise gu Iòrdan. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad nan dithis air an aghaidh.

Agus thubhairt màthair an leinibh, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam-sa chan fhàg mi thu. Agus dh’èirich e, agus lean e i.

Anns gach àm gràdhaichidh caraid; agus rugadh bràthair fa chomhair teinn.

Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.

Chan ann a‑chum ur dìtidh a tha mi a’ labhairt seo: oir thubhairt mi roimhe gu bheil sibh nar cridheachan-ne a‑chum bàsachadh maille ribh, agus a bhith beò maille ribh.

Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.

A‑nis uime sin, mo thighearna, mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, a chionn gun do chùm an Tighearna thusa o theachd a dhòrtadh fala, agus o thu fhèin a dhìoladh led làimh fhèin; a‑nis uime sin mar Nàbel biodh do naimhdean, agus iadsan a dh’iarras olc dom thighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan