Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Absalom gu moch, agus sheas e làimh ri slighe a’ gheata; agus nuair a thigeadh neach air bith aig an robh cùis-lagha a dh’ionnsaigh an rìgh a‑chum breitheanais, an sin ghairmeadh Absalom air, agus theireadh e, Ciod am baile as a bheil thu? Agus theireadh esan, O aon de threubhan Israeil tha do sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Hamor agus Sechem a mhac gu geata am baile, agus labhair iad ri daoine am baile, ag ràdh,

An sin dh’èirich an rìgh, agus shuidh e anns a’ gheata. Agus dh’innis iad don t‑sluagh uile, ag ràdh, Feuch, tha an rìgh na shuidhe anns a’ gheata: agus thàinig an sluagh uile am fianais an rìgh. Agus theich Israel, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa coibhneil ris an t‑sluagh seo, agus gun toilich thu iad, agus gun labhair thu riu briathran matha, bidh iadsan agadsa nan seirbhisich gu bràth.

Leis an t‑solas èiridh am mortair, agus marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bidh e mar ghadaiche.

Agus nuair a chunnaic athair-cèile Mhaois gach nì a rinn e ris an t‑sluagh, thubhairt e, Ciod e an nì seo a tha thu a’ dèanamh ris an t‑sluagh? Carson a tha thusa ad shuidhe ad aonar, agus a tha an sluagh uile a’ seasamh làimh riut o mhadainn gu feasgar?

Nuair a bhios cùis aca, thig iad am ionnsaigh, agus bheir mi breith eadar duine agus duine, agus nochdaidh mi dhaibh òrdaighean Dhè, agus a laghannan.

Agus thug iad breith air an t‑sluagh anns gach àm: na cùisean cruaidhe thug iad a dh’ionnsaigh Mhaois, ach air gach cùis bhig thug iad fhèin breith.

Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam.

Agus na àite-san seasaidh suas neach suarach do nach toir iad onair na rìoghachd: ach thig e a‑steach gu sìochail, agus gheibh e an rìoghachd le miodal.

Air teachd don mhadainn, ghabh uachdarain nan sagart uile, agus seanairean a’ phobaill, comhairle le chèile an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs.

Ma dh’èireas cùis a bhios ro‑chruaidh ort ann am breitheanas, eadar fuil agus fuil, eadar breith agus breith, agus eadar buille agus buille, eadhon cùisean connspaid an taobh a‑staigh ded gheatachan; an sin èiridh tu, agus thèid thu suas don ionad a thaghas an Tighearna do Dhia:

An sin chaidh Bòas suas a dh’ionnsaigh a’ gheata, agus shuidh e sìos an sin: agus, feuch, bha am fear-dàimh mun do labhair Bòas a’ dol seachad, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid seo de fhear! Thig a lethtaobh, suidh sìos an seo. Agus thàinig e a lethtaobh, agus shuidh e sìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan