Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a sheirbhisich uile thairis làimh ris; agus chaidh na Ceretich uile, agus na Peletich uile, agus na Gitich uile, sia ceud fear a thàinig na dhèidh o Ghat, thairis ron rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus an sluagh uile na dhèidh, agus dh’fhan iad ann an àit a bha fad as.

Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh.

A‑nis bha Ioab os cionn armailtean Israeil uile: agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus os cionn nam Peleteach:

Agus chaidh a‑mach na dhèidh fir Ioaib, agus na Ceretich, agus na Peletich, agus na fir threuna uile: agus chaidh iad a‑mach à Ierusalem, a dhol air tòir Shèba mac Bhichri.

Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.

Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.

Agus chaidh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich sìos, agus thug iad air Solamh marcachd air muileid rìgh Daibhidh; agus thug iad e gu Gihon.

Agus Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus nam Peleteach. Agus b’iad mic Dhaibhidh a bu mhò inbhe mu thimcheall an rìgh.

An sin dh’èirich Daibhidh agus a dhaoine, a bha mu thimcheall sia ceud, agus chaidh iad a‑mach à Ceilah, agus dh’imich iad an taobh a dh’fhaodadh iad imeachd. Agus dh’innseadh do Shaul gun deachaidh Daibhidh as à Ceilah, agus leig e dheth dol a‑mach.

Agus thubhairt Daibhidh ra dhaoine, Cuiribh gach duine a chlaidheamh air. Agus chuir gach duine dhiubh a chlaidheamh air: agus chuir Daibhidh mar an ceudna a chlaidheamh air: agus chaidh suas an dèidh Dhaibhidh mu thimcheall ceithir cheud fear, agus dh’fhan dà cheud maille ris an àirneis.

Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh maille ri Achis ann an Gat, e fhèin agus a dhaoine, gach fear le a theaghlach, Daibhidh agus a dhà mhnaoi, Ahinoam a’ bhan-Iesreeleach, agus Abigail a’ bhan-Charmeleach, bean Nàbeil.

Agus dh’innseadh do Shaul gun do theich Daibhidh gu Gat; agus cha d’iarr e nas mò air a shon.

Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;

Bhris sinn a‑steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iùdah, agus air taobh deas Chàleib, agus loisg sinn Siclag le teine.

Agus dh’imich Daibhidh, e fhèin agus an sia ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a dh’fhàgadh nan dèidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan