2 Samuel 15:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus a theaghlach uile na dhèidh: a‑mhàin dh’fhàg an rìgh deichnear bhan a bha nan coileabaich aige, a ghleidheadh an taighe. Faic an caibideil |
Agus thàinig Daibhidh da thaigh ann an Ierusalem; agus ghabh an rìgh an deichnear bhan, a choileabaich, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe, agus chuir e ann an gainntir iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e a‑steach dan ionnsaigh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas.