Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt seirbhisich an rìgh ris an rìgh, A rèir gach nì as àill lem thighearna, an rìgh, feuch, nì do sheirbhisich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh.

Agus chaidh an rìgh a‑mach, agus a theaghlach uile na dhèidh: a‑mhàin dh’fhàg an rìgh deichnear bhan a bha nan coileabaich aige, a ghleidheadh an taighe.

An sin thubhairt Siba ris an rìgh, A rèir gach nì a dh’àithn mo thighearna an rìgh da sheirbhiseach, mar sin nì do sheirbhiseach: a‑thaobh Mhephiboset, ithidh esan aig a bhòrd-san, mar aon de mhic an rìgh.

Feumaidh fear aig am bi càirdean càirdeas a nochdadh; agus tha caraid ann a leanas nas dlùithe na bràthair.

Is sibhse mo chàirdean-sa, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.

Agus thubhairt fear-iomchair a airm ris, Dèan gach nì a tha ann ad chridhe; tionndaidh thu fhèin; feuch, tha mise maille riut a rèir do chridhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan