Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



2 Samuel 15:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich uile a bha maille ris ann an Ierusalem, Eiribh, agus teicheamaid; oir mura dèan sinn sin, cha bhi dol as againn o aghaidh Absaloim; greasaibh agus imichibh, air eagal gun dèan e cabhag, agus gum beir e oirnn, agus gun tarraing e olc oirnn, agus gum buail e am baile le faobhar a’ chlaidheimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo:

Agus thubhairt seirbhisich an rìgh ris an rìgh, A rèir gach nì as àill lem thighearna, an rìgh, feuch, nì do sheirbhisich.

Agus fhuair Absalom, a dh’ung sinn os ar cionn, bàs anns a’ chath: a‑nis matà carson a tha sibh tosdach mun rìgh a thoirt air ais?

Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.

Dèan math, ad dheagh-ghean, do Shion; tog suas ballachan Ierusaleim.

A thuilleadh air seo cha ghabh an t‑uachdaran de oighreachd an t‑sluaigh le ainneart, a‑chum an tilgeadh a‑mach as an seilbh: ach bheir e da mhic oighreachd as a sheilbh fhèin: a‑chum nach bi mo shluagh-sa air an sgapadh gach aon o a sheilbh.

Agus o làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h‑ainneirt ga glacadh le làmhachas-làidir.

Agus thusa, a Chapernàum, a tha air d’àrdachadh gu nèamh, tilgear sìos gu ifrinn thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan